Àiteachan-fuirich do dh’oileanaich

An co-bhann ri Cityheart

Mar a nì thu iarrtasEnglish
Faodar iarrtasan a dhèanamh airson 2018/19 a-nis

Mar a nì thu iarrtas

Am beachd iarrtas a dhèanamh airson seòmar? Faigh a-mach cò as urrainn iarrtas a dhèanamh agus mar a bhios e ag obair an seo.

Cò as urrainn iarrtas a dhèanamh

Tha oileanaich ùra, a ghabh ri tairgse le cùmhnantan no gun chùmhnantan bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, cho math ri oileanaich leantainneach a dh’innis don oilthigh gum bi iad a’ tilleadh, airidh air iarrtas a dhèanamh airson àite-fuirich a tha Cityheart Living (Scotland) a’ stiùireadh às leth an oilthigh.

Luchd-iarrtais a bhios a’ faighinn prìomhachas

Gheibh iarrtasan bho oileanaich a choinnicheas ri gin de na slatan-tomhais a leanas prìomhachas a thaobh a bhith a’ riarachadh àiteachan-fuirich (is gun iad an òrdugh sònraichte sam bith):

  • Neach-iarrtais sam bith le ciorram corporra no inntinneil (mar a th’ air a mhìneachadh fo Achd Co-ionannachd 2010).
  • Neach-iarrtais sam bith a th’ air cùram fhàgail.
  • Neach-iarrtais eadar-nàiseanta sam bith.
  • Tagraichean bhon liosta seo airidh air sgrùdadh airson dearbhadh a’ bheil an cod-puist a’ thug thu seachad a càileachadh airson a baid seo. Tuilleadh fiosrachaidh air Scottish Index of Multiple Deprivation 2016 Ann seo

Thèid àireamh de sheòmraichean ann an gach àite-fuirich a chumail airson luchd-iarrtais a bhios a’ faighinn prìomhachas, agus thèid an riarachadh a rèir faotainneachd. Is iad an fheadhainn a nì iarrtas an toiseach a gheibh seòmar an toiseach.

Mar a nì thu iarrtas

Fosglaidh iarrtasan airson 2018/19 air 5 Màrt 2018. Tha e furasta iarrtas a dhèanamh:

1. Dèan iarrtas air-loidhne

Bithear a’ dèanamh iarrtasan air-loidhne, an seo. Aon uair ’s gum faigh sinn an t-iarrtas agad, nì sinn cinnteach gu bheil thu airidh air iarrtas a dhèanamh agus cuiridh sinn fios thugad taobh a-staigh còig làithean-obrach.

2. A’ tairgsinn seòmar

Aon uair ’s gun dearbhaich sinn gu bheil thu airidh air iarrtas a dhèanamh airson àite-fuirich leis an oilthigh agus gu bheil seòmar ri fhaotainn, tairgidh sinn seòmar dhut le post-d chun an t-seòlaidh a chuir thu air an fhoirm-iarrtais agad.

3. A’ gabhail ris an tairgse agad

Aon uair ’s gun tairg sinn seòmar dhut, feumaidh tu Aonta Gabhaltas Goirid Barantaichte agus foirm AT5 a lìonadh. Feumaidh tu gabhail ris a’ Chòd Ghiùlain againn cuideachd. Bidh agad ris na sgrìobhainnean a chlò-bhuaileadh, a shoidhnigeadh agus a thilleadh taobh a-staigh seachd làithean-obrach. On satisfactory receipt of all documents and the advanced rental payment your tenancy will be confirmed.

4. Dearbhaich gum bi thu ann (do dh’oileanaich a fhuair tairgse le cùmhnantan bhon oilthigh no oileanaich leantainneach)

Ma tha thu nad oileanach leantainneach, no ma fhuair thu tairgse le cùmhnantan bhon oilthigh, thèid iarraidh ort dearbhadh gum bi thu ann.

Mura bi seòmraichean rim faotainn, thèid do chur air liosta-feithimh agus cuiridh sinn fios thugad cho luath ’s a bhios seòmar ri fhaotainn.