Àiteachan-fuirich do dh’oileanaich

An co-bhann ri Cityheart

Mar a nì thu iarrtasEnglish
Faodar iarrtasan a dhèanamh airson 2018/19 a-nis

Ceistean cumanta

An t-iùl agad air a’ phròiseas ghleidhidh is pàighidh, agus an rian a thaobh clàradh a-steach is a-mach.

      • Tha seòmraichean air an gleidheadh Air-loidhne. Gus seòmar a ghleidheadh air-loidhne, tagh àite agus an seòrsa seòmar a b’ fheàrr leat agus lìon na foirmichean iomchaidh. Ann an suidheachaidhean sònraichte, mar eisimpleir ma bhios tu feumach air foirmichean so-ruigsinn, ’s urrainn dhut iarraidh oirnn foirmichean a chur thugad sa phost. Cuir fios gu Mariam Johal aig mariam@cityheartliving.co.uk. Chan eil e comasach seòmraichean a ghleidheadh le bhith a’ dol chun nan àiteachan-fuirich fhèin.

      • Tha flataichean sna h-àrasan againn a tha air an comharrachadh nam flataichean taisbeanaidh. Faodaidh tu sùil a thoirt orra is bheir sinn freagairt air ceistean sam bith a bhios agad. Gabhaidh àm socrachadh airson taisbeanadh ma chuireas tu post-d a dh’ionnsaigh Mariam Johal aig mariam@cityheartliving.co.uk.

      • Gabhaidh iarrtas dèanamh le oileanaich ùra a ghabh ri tairgse le cùmhnantan no gun chùmhnantan agus oileanaich leantainneach a dh’innis don oilthigh gum bi iad a’ tilleadh.

      • Tagh àras an toiseach: Inbhir Nis, An Gearastan, Dòrnach no Eilginn. Aon uair ’s gum bi thu air àite-fuirich a thaghadh, ’s urrainn dhut seòmar a ghleidheadh air-loidhne. Thèid iarraidh ort foirm iarrtais a lìonadh agus fiosrachadh a thoirt mu neach-urrais agus mu phàigheadh. Cha phàigh thu ach an dèidh dhuinn seòmar a thairgsinn dhut.

      • Aon uair ’s gun dearbhaich Cityheart Living gu bheil thu airidh air iarrtas a dhèanamh airson àite-fuirich leis an oilthigh agus gu bheil seòmar ri fhaotainn, tairgidh sinn seòmar dhut le post-d chun an t-seòlaidh a chuir thu air an fhoirm-iarrtais agad.

      • Aon uair ’s gun tairg sinn seòmar dhut, feumaidh tu Aonta Gabhaltais agus foirm AT5 a lìonadh. Feumaidh tu gabhail ris a’ Chòd Ghiùlain againn cuideachd. Bidh agad ris na sgrìobhainnean seo a chlò-bhuaileadh is a leughadh gu mionaideach leis an neach-urrais agad. Feumaidh an dithis agaibh an t-aonta galbhaltais a shoidhnigeadh air beulaibh neach-fianais. Aon uair ’s gum faigh sinn seo, is e air fad an òrdugh, dearbhaichidh sinn an gabhaltas agad. Luchdaich na sgrìobhainnean a-nuas an seo .

      • Cuiridh sinn fios gu luchd-iarrtais airidh cho luath ’s a bhios seòmar ri fhaotainn.

      • Ma thaghas tu gun a bhith a’ dol air adhart mus till thu na pàipearan soidhnichte thugainn, ’s urrainn dhut fios a chur thugainn agus cuiridh sinn às don iarrtas agad. Aon uair is gun soidhnig thu an cùmhnant, bidh tu ceangailte fon phoileasaidh cur às againn.

      • Bu chòir dhut na sgrìobhainnean tùsail agad a shoidhnigeadh is a thilleadh cho luath ’s a ghabhas. Tha Cityheart Living feumach air sgrìobhainnean tùsail (cha ghabh sinn ri lethbhreacan no sganaichean).

      • Is e a th’ ann an neach-urrais cuideigin os cionn 18 bliadhna a dh’aois a tha a’ fuireach anns an RA a ghabhas co-uallach ionmhasail airson a’ ghabhaltais agad. Mura bi e comasach dhut, air adhbhar sam bith, suim a phàigheadh a th’ aig Cityheart Living ort, ’s ann air an neach-urrais agad a bhios an t-uallach airson seo. Feumaidh tu neach-urrais ainmeachadh nuair a ghleidheas tu seòmar agus feumaidh an neach seo pàipearan a’ ghabhaltais a shoidhnigeadh. Tha còir againn airgead sam bith nach deach a phàigheadh fhaighinn bhon neach-urrais agad mar sin tha e cudromach gum bi iad a’ tuigsinn am fèicheanas a bhios orra.

      • Feumaidh neach-urrais san RA a bhith aig a h-uile neach-gabhail. Bu chòir don neach-urrais am fèicheanas a bhios orra a thuigsinn agus bu chòir dhaibh aontachadh ris an uallach seo.

      • Tha, feumaidh neach-urrais a bhith aig a h-uile neach-gabhail le Cityheart Living.

      • Faodaidh duine sam bith nas sine na 18 bliadhna a dh’aois nach eil a’ fuireach ann an àite-fuirich le Cityheart Living a bhith na neach-urrais. Faodaidh ùghdarrasan ionadail is buidhnean eile dol an urras cuideachd a rèir suidheachaidhean pearsanta. Cuir fios gu Cityheart a bhruidhinn mu dheidhinn seo mas e do thoil e.

      • S e a th’ ann an neach-fianais neach a tha an làthair nuair a thathar a’ soidhnigeadh sgrìobhainn laghail. Bidh iad a’ soidhnigeadh na sgrìobhainn a chomharrachadh gum faca iad an soidhnigeadh agus gur e sgrìobhainn fhìor a th’ innte. Bu chòir don neach-fianais sgrìobhainn a shoidhnigeadh air an aon cheann-latha ’s a shoidhnigeas an neach-gabhail/neach-urrais an sgrìobhainn.

      • Feumaidh an neach-fianais a bhith nas sine na 18 bliadhna a dh’aois agus chan fhaod thu fhèin (an neach-gabhail) no an neach-urrais a bhith air an neach seo. Ach faodaidh an neach-fianais a bhith càirdeach dhut fhèin no don neach-urrais agad.

      • Bidh tu a’ cur nan sgrìobhainnean a dh’ionnsaigh Mariam Johal, Àitichean Fuirich Oileanaich Cityheart Living, 7 Àrainn Inbhir Nis, Inbhir Nis IV2 5NA. Is e seòladh postachd a-mhàin a th’ ann an seo.

      • A dhèanamh cinnteach gum faigh sinn na sgrìobhainnean tùsail agad gu sàbhailte, cuir na foirmichean agad thugainn le teachdaire no postachd chlàraichte chun an t-seòlaidh phostachd gu h-àrd. Ma bhios trioblaidean agad no ma bhios tu a’ gabhail dragh nach fhaigh sinn na sgrìobhainnean agad ann an àm, cuir fios thugainn cho luath ’s a ghabhas air mariam@cityheartliving.co.uk no 01463 225201.

      • Bu chòir dhut a h-uile sgrìobhainn thùsail a thilleadh: an t-Aonta Gabhaltais, am foirm AT5 agus an Còd Giùlain.

      • Bidh seo fon phoileasaidh cur às choitcheann againn.

      • Is e seo an ùine anns am bi sinn a’ cumail seòmar dhut (14 de làithean obrach do dh’oileanaich na RA agus 21 latha do luchd-ceannaich eadar-nàiseanta mar as àbhaist). Tha seo gus am bi ùine agad sùil a thoirt air na pàipearan, a dhèanamh cinnteach gun tèid an soidhnigeadh gu ceart agus an tilleadh thugainn. Tha sinn a’ moladh gun tòisich thu air a’ phròiseas seo cho luath ’s a ghabhas.

      • Faodaidh gun do dh’fhalbh an ùine air an iarrtas agad leis nach d’fhuair sinn na pàipearan soidhnichte agad ann an àm agus/no nach tug thu am fiosrachadh uile a tha a dhìth dhuinn gus seòmar a ghleidheadh dhut, mar eisimpleir, am fiosrachadh pàighidh agad.

      • Faodaidh tu iarrtas eile a dhèanamh ma dh’fhalbh an ùine air an iarrtas a rinn thu roimhe. Cuir post-d thugainn cho luath ’s a ghabhas aig mariam@cityheartliving.co.uk mas e do thoil e. Cuimhnich nach urrainn dhuinn barantas a thoirt gum bi seòmar ri fhaotainn ma dh’fhalbh an ùine air an tairgse a bh’ agad.

      • Cuiridh sinn post-d gu seòladh clàraichte an neach-gabhail, taobh a-staigh 24 uairean on àm a gheibh sinn na pàipearan agad mar as àbhaist.

      • Thèid seo a thoirt bhon chairt-chreideis/chairt-tharraing mun do chuir thu fiosrachadh thugainn nuair a rinn thu iarrtas, an dèidh dhuinn na sgrìobhainnean soidhnichte uile fhaighinn agus an dèidh dhut dearbhadh gum bi thu a’ gabhail ris an tairgse de sheòmar.

      • Mur an d’fhuair thu am post-d seo, faodaidh nach d’fhuair sinn na pàipearan agad. Cuir fios thugainn cho luath ’s a ghabhas, mas e do thoil e, a dhèanamh cinnteach gun d’fhuair sinn seo gus an urrainn dhuinne dèanamh cinnteach nach fhalbh an ùine air an iarrtas agad.

      • Tha am fiosrachadh seo anns an iùl fhàilteachaidh a chuireas sinn thugad le post-d nas fhaisge air an àm a bhios tu a’ ruigsinn. Ma tha an ceann-là seo a’ teannadh dlùth is mur an d’fhuair thu am fiosrachadh seo, cuir post-d chun an rianadair aig mariam@cityheartliving.co.uk mas e do thoil e.

      • Tha parcadh cuibhrichte ri fhaotainn air cuid de na làraichean againn. Nuair a ruigeas tu ’s urrainn dhut bileag-cead iarraidh. Bidh sinn a’ brosnachadh màladairean a bhith a’ dèanamh feum den stòradh thèarainte a th’ againn airson rothairean.

      • S urrainn. Cuir fios gu mariam@cityheartliving.co.uk a chuireas còmhradh dìomhair air dòigh mu na feumalachdan sònraichte agad. Bidh sinn daonnan a’ dèanamh ar dìcheall àite-fuirich freagarrach a lorg dhut.

      • Chan eil ann ach gabhaltas 40 seachdain no gabhaltas 51 seachdain.

      • Tha cinn-là shuidhichte ris na gabhaltasan coitcheann againn agus cha ghabh seo atharrachadh. Ach ma tha thu airson a bhith tràth a’ tighinn a-steach no nas fhaide mun clàr thu a-mach, faodaidh gum bi e comasach ullachaidhean a dhèanamh tron rianadair againn, Mariam Johal.

      • Is e seo sgrìobhainn a tha a’ dearbhadh nach eil agad ris na cìsean comhairle ionadail a phàigheadh. Is urrainn don oilthigh agad foirm saoraidh a thoirt dhut an dèidh dhut clàrachadh.

      • Thoir leat dearbh-aithneachadh oifigeil mas e do thoil e (mar eisimpleir, cead-siubhail no cead-dràibhidh). Mur an do thill thu an t-aonta gabhaltais soidhnichte tùsail fhathast, bu chòir dhut seo a thoirt leat cuideachd.

      • Tha eàrlas de £100 ri a phàigheadh airson a h-uile àite fuirich. Bidh seo a’ gleidheadh an t-seòmair agus thèid a thoirt air falbh bhon chiad phàigheadh-màil agad.

      • Pàighidh tu an t-eàrlas agad nuair a ghleidheas tu do sheòmar. Feumaidh tu seo a phàigheadh le cairt-chreideis* no cairt-tharraing agus feumaidh sealbhadair na cairte am pàigheadh a cheadachadh. (*bidh cosg a bharrachd ann le cairt-chreideis).

      • Ma tha thu nad oileanach le seòladh dachaigh maireannach san RA, bidh roghainn agad mar as àbhaist a phàigheadh ann an aon no trì cuibhreannan. Ma tha an seòladh dachaigh maireannach agad taobh a-muigh na RA, is e an roghainn a th’ agad aon chuibhreann no a dhà.

      • Is e a th’ ann an cuibhreann pàirt de shuim iomlan a’ mhàil agad. Ma thaghas tu a phàigheadh ann an trì cuibhreannan, mar eisimpleir, thèid am màl agad a roinn na thrì pàirtean co-ionnan, ach bidh a’ chiad phàigheadh agad £100 nas ìsle leis gun do phàigh thu £100 mar eàrlas. Pàighidh tu a’ chiad chuibhreann dà sheachdain ro thoiseach do ghabhaltais agus an dàrna is an treas cuibhreann mu 15 Faoilleach is 15 Màrt.

      • Feumaidh tu fios a chur thugainn cho luath ’s a ghabhas mur am bi e comasach dhut pàigheadh. Bu chòir dhut post-d a chur gu mariam@cityheartliving.co.uk gus an urrainn dhuinn còmhradh dìomhair a chur air dòigh.

      • Lean am pròiseas gu h-àrd mas e do thoil e.

      • Lean am pròiseas gu h-àrd mas e do thoil e.

      • Is e tar-aiseag BACS an aon mhodh-pàighidh ris an gabh sinn. Gabhaidh pàigheadh cur chun Cityheart Living (Scotland) Limited, Còd-Seòrsachaidh 40-51-62, Àireamh a’ Chunntais 14440643. Gabhaidh pàigheadh eadarnàiseanta dèanamh tro IBAN GB69HAND40516214440643 agus BIC HANDGB22.

      • Mar as àbhaist chan fhaod leis gu bheil againn ris na seòmraichean a ghlanadh is a dhèanamh deas. Ann an suidheachaidhean sònraichte faodaidh gun urrainn dhuinn ullachaidhean sònraichte a chur air dòigh ach bu chòir dhut bruidhinn ris an rianadair mu dheidhinn seo an toiseach: mariam@cityheartliving.co.uk.

      • Thoir leat dearbh-aithneachaidh oifigeil mas e do thoil e, m.e. cead-siubhail no cead-dràibhidh/cead-dràibhidh sealadach. Mur an do thill thu an t-aonta gabhaltais soidhnichte tùsail fhathast, bu chòir dhut seo a thoirt leat cuideachd.

      • Chan eil prìomh ionad-fàilte ach ann an Inbhir Nis a-mhàin. Bidh e ag obrachadh Diluain gu Dihaoine, 8.30m gu 5f.

      • Tha parcadh cuibhrichte ri fhaotainn air cuid de na làraichean againn. Nuair a ruigeas tu ’s urrainn dhut bileag-cead iarraidh. Bidh sinn a’ brosnachadh màladairean a bhith a’ dèanamh feum den stòradh thèarainte a th’ againn airson rothairean.

      • Chan fhaod. Chan eil aoighean ceadaichte aig na h-àiteachan fuirich.

      • Gheibh thu am fob inntrigidh agad bhon ionad-fhàilte no còmhnaiche le ùghdarras nuair a ruigeas tu.

      • S urrainn dhut fòn a chur chun an deasg-cuideachaidh èiginn againn air 01463 225201. Bidh iad fosgailte 24 uairean san latha, seachd làithean san t-seachdain agus bidh iad toilichte iarraidh air cuideigin tighinn a do leigeil a-steach is am fob inntrigidh agad a thoirt dhut.

      • Mura bi thu ann aig an uair a chaidh a shònrachadh dhut, leig fios thugainn gus an urrainn dhuinn ullachaidhean eile a chur air dòigh mas e do thoil e.

      • Is e an dòigh as fhasa air stiùireadh fhaighinn an còd-puist a rannsachadh le Google maps.

      • Tha seirbheisean tagsaidh rim faotainn bho na stèiseanan rèile ann an Inbhir Nis agus anns a’ Ghearasdan agus chan eil na h-àiteachan fuirich againn fad às. Cha bu chòir tagsaidh bho phort-adhair Inbhir Nis chun nan àiteachan fuirich ann an Inbhir Nis còrr is £20 a chosg. Cosgaidh tagsaidh eadar Inbhir Nis agus an Gearasdan mu £75. Is ann ann am Baile Dhubhthaich a tha an stèisean thrèanaichean as fhaisge air Dòrnach. Tha Baile Dhubhthaich mu 9 mìle bho Dhòrnach is mu £12-15 ann an tagsaidh. Tha a stèisean thrèanaichean fhèin aig Eilginn is chan eil e fada bhon àras. Is ann ann an Inbhir Nis a tha am port-adhair as fhaisge air Dòrnach (50 mìle) agus Eilginn (45 mìle).

      • Bidh sinn feumach air an aonta ghabhaltais shoidhnichte agus am fiosrachadh pàighidh agad mus gluais thu a-steach. Ma bhios trioblaid sam bith agad le seo, leig fios thugainn le bhith a’ cur fios chun an rianadair againn, Mariam, air mariam@cityheartliving.co.uk mas e do thoil e.

      • Faodaidh tu tighinn ann uair sam bith an dèidh toiseach do ghabhaltais. Ma bhios tu fada an dèidh toiseach do ghabhaltais mun ruig thu, leig fios thugainn agus nì sinn cinnteach gum bi cuideigin ann a choinneachadh riut.

      • Cha bhi sinn a’ solar nan gnothaichean seo, ach ’s urrainn dhuit an ceannach on chom-pàirtiche againn, UniKitOut, tron cheangal a leanas. Ma dh’ainmicheas tu “CITYHEART17” gheibh thu lasachadh de 10% air na dh’òrdaicheas tu. Cuimhnich gun e companaidh eadar-dhealaichte a tha seo o CityHeart Living agus gun e gnothach eadar an ceannaiche is UniKitOut a th’ ann an òrdugh sam bith a chuirear a-steach.

      • University of Highlands and Islands (CityHeart Living) are working in partnership with Endsleigh to provide you with some contents insurance. Please read the following document to find out more: Endsleigh cover

      • Nì Cityheart Living a dhìcheall a choinneachadh riut is sgrùdadh a dhèanamh air an t-seòmar agad mus falbh thu. Aig an àm seo ’s urrainn dhuinn aontachadh a bheil milleadh follaiseach ann agus dè a’ chìs a bharrachd a dh’fheumas tu pàigheadh. Aon uair is gum bi am pròiseas seo crìochnaichte agus gum fàg thu an seòmar agad ’s urrainn dhut am fob inntrigidh agad fhàgail anns a’ bhogsa faisg air doras an togalaich air am bi bileag ‘beachdan is fobaichean inntrigidh’.

      • Chan fhaod mur an d’aontaich thu leinn gu bheil thu ri cumail ort a’ fuireach leinn agus gabhaltas dligheach agad. Rud sam bith a tha air fhàgail an dèidh dhut falbh, cuiridh sinn a-mach e a chionn ’s gu bheil againn ris an seòmar a dhèanamh deas airson an ath neach-gabhail. Faodaidh gum bi agad ri cìs a phàigheadh ma bhios rudan air fhàgail a dh’fheumas sinn cur a-mach. Mar sin, feuch an toir thu leat a h-uile rud nuair a dh’fhalbhas tu mas e do thoil e.

      • Tha sinn a’ moladh gum bruidhinn thu ri do cho-chòmhnaichean an toiseach agus gun aontaich sibh air àm airson glanadh mus falbh sibh uile gus am bi an obair air a roinn gu cothromach eadaraibh. Mura bi am flat agaibh air a ghlanadh gu ìre shònraichte nuair a sgrùdas sinn e, iarraidh sinn air a h-uile duine sa flat cìsean iomchaidh a phàigheadh.

      • Tha sinn a’ moladh gum bruidhinn thu ri do cho-chòmhnaichean an toiseach agus gun aontaich sibh air àm airson glanadh mus falbh sibh uile gus am bi an obair air a roinn gu cothromach eadaraibh. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ falmhachadh phreasan agus am fuaradair/reothadair. Rud sam bith a bhios air fhàgail san reothadair an dèidh don a h-uile neach-gabhaltais fàgail, cuiridh sinn a-mach e agus faodaidh gum bi cìs ri a pàigheadh.

      • Bithidh sinn ag iarraidh air luchd-gabhaltais milleadh sam bith a phàigheadh ach, ma tha an neach a rinn am milleadh deònach uallach iomlan a ghabhail air a shon cha chuir sinn cìs ach airsan/oirrese. Mura gabh duine sam bith uallach airson milleadh ann an àiteachan coitcheann, bidh aig a h-uile duine sa flat ri a phàigheadh. Ma thachras seo, ’s urrainn dhut bruidhinn ri ball den sgioba againn mu a dheidhinn.

      • Bidh seo a rèir dè an t-àite fuirich anns am bi thu air chòmhnaidh. Bruidhinn ri còmhnaiche le ùghdarras no ri cuideigin aig an ionad-fhàilte ron cheann-là a bu chòir dhut a bhith a’ falbh. Tha e coltach gur e an uair as anmoiche meadhan-là air an latha mu dheireadh den ghabhaltas agad.

      • Chan fhaod ach ann an suidheachaidhean sònraichte agus bhiodh agad ri seo aontachadh leinn ro làimh.

      • Rè na h-ùine a bhios daoine a’ tighinn is a’ falbh, mar as urrainn dhuinn, leigidh sinn le daoine parcadh cho faisg ’s a ghabhas air an togalach gus gnothaichean a thoirt a-steach is a-mach.

      • Is dòcha gum bi. Tha seo gus am bi sinn cothromach agus cunbhalach. Bidh sinn gad bhrosnachadh an cunntas a lìonadh gu h-iomlan nuair a ruigeas tu an toiseach. Bidh sinn cuideachd a’ cumail clàr de mhilleadh sam bith nuair a nì sinn na sgrùdaidhean againn fhèin mar sin faodaidh gum bi am milleadh seo air a chlàradh againn. Bruidhinn ri ball de sgioba Cityheart Living airson barrachd fiosrachaidh mas e do thoil e.

      • No, Blu-Tack is not allowed.

      • Chan fhaod. Air adhbharan slàinte is sàbhailteachd is e sgioba cumail suas an togalaich a dh’fheumas càradh sam bith a dhèanamh. Leig fios thugainn mu chùisean sam bith a thaobh cumail suas an togalaich tro My Account, a leigeas leat iarrtasan a thaobh cumail suas a logadh gu furasta bhon inneal-làimhe agad.

      • Leis gu bheil againn ri seòmraichean a dheisealachadh airson an ath luchd-gabhaltais againn, chan urrainn dhuinn leigeil le gnothaichean a bhith air fhàgail san t-seòmar agad an dèidh deireadh do ghabhaltais. Feumaidh tu do ghnothaichean air fad a thoirt às an t-seòmar agad, agus à àitichean coitcheann sam bith, ro 10m air an latha a dh’fhalbhas tu. Mura dèan thu seo gheibh sinn cuidhteas na gnothaichean agad is gun uallach sam bith oirnn air an son. Mar sin, dèan cinnteach gun toir thu leat a h-uile rud mas e do thoil e.

      • Leis nach eil mòran rùm againn airson parsailean agus post chan urrainn dhuinn seo a chumail dhut an dèidh deireadh do ghabhaltais. Rud sam bith a thèid a lìbhrigeadh an dèidh deireadh a’ ghabhaltais, thèid a thilleadh chun an neach/na companaidh a chuir e.

      • Mura robh e comasach sgrùdadh a dhèanamh air an àite fuirich còmhla riut, nì sinn seo an dèidh dhut falbh. Ma gheibh sinn gun deach milleadh a dhèanamh air an t-seòmar agad a bhios cìs ri a pàigheadh air, togaidh sinn dealbh dheth, sgrìobhaidh sinn thugad is iarraidh sinn ort gum pàigh thu na tha a dhìth. Ma chaidh milleadh a dhèanamh air gnothaichean coitcheann cuiridh sinn fios chun a h-uile còmhnaiche agus thèid na cosgaisean càraidh a roinn eadar a h-uile duine.